Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 An uair sin chaidh e dhachaigh, agus chruinnich an sluagh a‑rithist, air chor 's nach robh e an comas dhaibh fiù 's aran ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Chaidh e an‑uairsin dhachaigh. Chruinnich a leithid a shluagh a‑rithist 's nach b'urrainn dhaibh fiù 's blasad bìdh ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Us thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor ʼs nach bʼ urrainn daibh urad agus aran iche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:20
10 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt e riutha, “Thigibh‑se air falbh leib' fhèin gu àite fàsail is gabhaibh fois airson ùine bhig.” Oir bha mòran a' tighinn 's a' falbh, agus cha robh ùine aca fiù 's airson ithe.


Agus thàinig e a‑nuas leotha agus sheas e air àite còmhnard. Bha sluagh mòr dhe na deisciobail aige an sin agus buidheann mhòr de dhaoine o Iudèa uile agus Ierusalem agus o cheàrnaidh‑fairge Thìruis agus Shìdoin,


Agus nuair a chaidh e a‑steach dhan taigh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha gu prìobhaideach, “Carson nach robh an comas againne a thilgeil a‑mach?”


Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh air falbh on t‑sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha mun abairt aige.


Agus thuirt e ri a dheisciobail eathar bheag a dheisealachadh air a shon air sgàth an t‑sluaigh, airson 's nach bruthadh iad e.


Tharraing Ìosa air ais chun na mara còmhla ri a dheisciobail, agus lean sluagh mòr e o Ghalile agus o Iudèa,


Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.


Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh.


agus Iùdas Iscariot, a bhrath esan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan