Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus rinn iad faire air airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Bha iad a' cumail sùil air, gun fhios nach leighiseadh e air an t‑Sàbaid e, 's gum biodh cothrom aca gearan a thogail na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air na laithean sàbaid; los cuis dhitidh fhaighinn ʼna aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:2
12 Iomraidhean Croise  

agus seall, bha duine an sin aig an robh làmh sheargte. Agus dh'fhaighnich iad dha, “A bheil e laghail leigheas a dhèanamh air an t‑Sàbaid?” – airson 's gum b' urrainn dhaibh cùis‑dhìtidh a thoirt na aghaidh.


Thuirt e ris an duine, am fear leis an làimh sheargte, “Èirich dhan mheadhan.”


Agus thachair, nuair a bha Ìosa a' dol chun an taighe aig aon de riaghladairean nam Pharasach air an t‑Sàbaid a dh'ithe arain, gun robh iad a' dèanamh geur‑fhaire air.


Chùm iad sùil gheur air; chuir iad a‑mach faireadairean, a' leigeil orra gun robh iad fìrinneach, airson 's gun glacadh iad na chainnt e, gus an toireadh iad thairis e do chumhachd agus ùghdarras an riaghladair.


Rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire air, airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid, gus am faigheadh iad adhbhar airson casaid a chur na aghaidh.


Thuirt iad seo airson a dhearbhadh, airson 's gum biodh cùis‑chasaid aca na aghaidh. Ach chrom Ìosa sìos agus sgrìobh e le a chorraig air an talamh.


Thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Chan eil an duine seo o Dhia, a chionn 's nach eil e a' cumail na Sàbaid.” Ach thuirt cuid eile, “Ciamar as urrainn do dhuine a tha na pheacach a leithid seo de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh?” Agus bha sgaradh nam measg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan