Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Anndra, Philip, Bartolomèus, Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Tadèus, Sìmon an Canàanach;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

18 Anndra agus Philip agus Bartolomèus; Mata agus Tòmas agus Seumas mac Alphèuis; Tadèus agus Sìmon an Canànach

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Agus Aindris, agus Philip, agus Bartholomé, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananéach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:18
27 Iomraidhean Croise  

Nach e seo mac an t‑saoir? Nach e ainm a mhàthar Moire? Nach iad a bhràithrean Seumas is Iòsaph is Sìmon is Iùdas?


Fhad 's a bha Ìosa a' dol air adhart à sin, chunnaic e duine dham b' ainm Mata, na shuidhe aig bùth na cìse, agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.


Agus a' gabhail seachad, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig bùth na cìse agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.


Seumas mac Shebede agus Eòin bràthair Sheumais (dhan tug e an t‑ainm Boanerges, 's e sin Mic nan Tàirneanach);


agus Iùdas Iscariot, a bhrath esan.


Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòsais is Iùdais is Shìmoin? Agus nach eil a pheathraichean an seo còmhla rinn?” Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn.


B' e Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, fear dhen dithis a chuala na thuirt Eòin agus a lean Ìosa.


An uair sin thuirt Tòmas (ris an canar Didimus) ri a cho‑dheisciobail, “Rachamaid‑ne cuideachd, airson 's gum faod sinn bàsachadh còmhla ris.”


Thuirt Iùdas (chan e Iscariot) ris, “A Thighearna, carson a dh'fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin dhan t‑saoghal?”


bha Sìmon Peadar, agus Tòmas (ris an canar Didimus) agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile dhe a dheisciobail, còmhla ri chèile.


Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.


Às dèidh dhaibh sgur a bhruidhinn, fhreagair Seumas, “A bhràithrean, èistibh riumsa:


An ath latha chaidh Pòl a‑steach còmhla rinn gu Seumas, agus thàinig na h‑èildearan gu lèir còmhla.


Às dèidh sin nochd e e fhèin do Sheumas, an uair sin dha na h‑abstoil gu lèir,


Nach eil còir againn bean‑phòsta a thoirt leinn, mar a th' aig na h‑abstoil eile agus aig bràithrean an Tighearna agus Cèphas?


Ach chan fhaca mi gin dhe na h‑abstoil eile, ach Seumas a‑mhàin, bràthair an Tighearna.


agus ag aithneachadh a' ghràis a chaidh a thoirt dhomh, thug Seumas is Cèphas is Eòin – a bh' air am meas a bhith nan colbhan – dhòmhsa is do Bharnabas deas‑làimh a' chomainn airson 's gun deigheadh sinne gu na Cinnich agus iadsan chun an timcheall‑ghearraidh.


Seumas, seirbheiseach Dhè agus an Tighearna Ìosa Crìosd, Chun an dà threubh dheug a th' air an sgapadh: Fàilte!


Iùdas, seirbheiseach Ìosa Crìosd agus bràthair Sheumais: Thucasan a th' air an gairm, gràdhaichte ann an Dia an t‑Athair, agus air an gleidheadh le Ìosa Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan