Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:17 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

17 Seumas mac Shebede agus Eòin bràthair Sheumais (dhan tug e an t‑ainm Boanerges, 's e sin Mic nan Tàirneanach);

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orra-san thug e Boanerges mar cho-ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orrasan thug e Boanerges mar cho‐ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

17 Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair — orrasan thug e an t‑ainm Boanerges, 'se sin, Mic an tàimeanaich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

17 Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, us thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:17
16 Iomraidhean Croise  

Oir tha facal Dhè beò is èifeachdach agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair sam bith, a' ruighinn eadhon gus an sgaradh eadar anam is spiorad, uilt is smior agus tuigseach mu smuaintean is rùintean a' chridhe.


Agus thug e leis Peadar, Seumas is Eòin, agus thòisich e air a bhith fo mhòr‑àmhghar 's air a bhuaireadh.


Agus cha do leig e le neach sam bith a leantainn ach Peadar, Seumas is Eòin bràthair Sheumais.


Mun àm sin shìn Herod an rìgh làmhan air cuid a bhuineadh dhan eaglais airson cron a dhèanamh orra.


bha Sìmon Peadar, agus Tòmas (ris an canar Didimus) agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile dhe a dheisciobail, còmhla ri chèile.


Thàinig Seumas agus Eòin, mic Shebede, suas thuige, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh gun dèan thu dhuinne ge b' e dè a dh'iarras sinn.”


Às dèidh sia latha, thug Ìosa Peadar is Seumas is Eòin leis agus threòraich e iad suas beinn àrd leotha fhèin. Agus chaidh a chruth‑atharrachadh mun coinneamh,


Agus thuirt iad rium, “Feumaidh tu fàidheadaireachd a dhèanamh a‑rithist, mu mhòran dhaoine is nàiseanan is theangannan is rìghrean.”


Agus a' dol air adhart às a sin, chunnaic e dithis bhràithrean eile, Seumas mac Shebede agus Eòin a bhràthair, anns an eathar còmhla rin athair Sebede, a' càradh an lìn, agus ghairm e iad.


Shuidhich e an dà fhear dheug: Sìmon (dhan tug e an t‑ainm Peadar);


Anndra, Philip, Bartolomèus, Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Tadèus, Sìmon an Canàanach;


Nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas is Eòin seo, thuirt iad, “A Thighearna, am bu toigh leat gun gairmeamaid air teine a thighinn a‑nuas o nèamh airson an sgrios?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan