Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Shuidhich e an dà fhear dheug: Sìmon (dhan tug e an t‑ainm Peadar);

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho-ainm;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho‐ainm;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Seo an dà dhuine dheug a thagh e: Sìmon air an tug e an t‑ainm Peadar,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:16
14 Iomraidhean Croise  

Agus a' coiseachd ri taobh Muir Ghalile, chunnaic e Sìmon agus Anndra a bhràthair a' tilgeil lìon dhan mhuir, oir b' e iasgairean a bh' annta.


agus airson 's gum biodh ùghdarras aca deamhain a thilgeil a‑mach.


Seumas mac Shebede agus Eòin bràthair Sheumais (dhan tug e an t‑ainm Boanerges, 's e sin Mic nan Tàirneanach);


Agus nuair a thàinig an latha, ghairm e air a dheisciobail agus thagh e dà fhear dheug asta, a dh'ainmich e cuideachd mar abstoil.


Thug e gu Ìosa e. Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Is tusa Sìmon mac Eòin. Bidh Cèphas air a ghabhail ort” ('s e sin air eadar‑theangachadh, Peadar).


Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.


Is e seo a tha mi a' ciallachadh, gu bheil gach aon agaibh ag ràdh, “Is ann le Pòl a tha mise,” no “Is ann le Apollos a tha mise,” no “Is ann le Cèphas a tha mise,” no “Is ann le Crìosd a tha mise.”


ge b' e Pòl no Apollos no Cèphas no an saoghal no beatha no bàs no rudan a th' ann no a tha ri thighinn – is ann leibhse a tha iad uile,


Nach eil còir againn bean‑phòsta a thoirt leinn, mar a th' aig na h‑abstoil eile agus aig bràithrean an Tighearna agus Cèphas?


Sìmon Peadar, seirbheiseach is abstol Ìosa Crìosd, Thucasan a th' air an aon chreideamh phrìseil rinne fhaighinn, tro fhìreantachd ar Dè agus ar slànaigheir Ìosa Crìosd:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan