Marcus 2:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20178 Agus cho luath 's a bha fios aig Ìosa na spiorad gun robh iadsan a' reusanachadh mar sin annta fhèin, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' reusanachadh nan rudan sin nur cridheachan? Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19928 Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19928 Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan? Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 19868 Anns a' mhionaid, dh'aithnich Iosa na spiorad fhèin dè bha iad a' smaoineachadh, 's thuirt e riu, “Carson a tha na beachdan sin agaibh? Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18758 Dhʼaithnich Iosa san uair ʼna spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, us thuirt e riu: Car-son tha sibh a smaoineachadh nan nichean sin ʼnur cridheachan? Faic an caibideil |
Thuirt e ris an treas uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gràdh agad ormsa?” Bha Peadar brònach a chionn 's gun tuirt e ris an treas uair, “A bheil gràdh agad ormsa?” Agus thuirt e ris, “A Thighearna, is aithne dhut a h‑uile rud, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair Ìosa, “Beathaich mo chaoraich.