Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 “Carson a tha am fear seo a' bruidhinn mar sin? 'S e toibheum a tha an seo. Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach an t‑Aon – Dia?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

7 “Dè 's ciall dhan fhear seo a bhith a' bruidhinn mar seo? 'Se toibheum a th'aige! Cò as urrainn peacaidhean a mhathadh ach Dia a‑mhàin?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Ciod thaʼm fearsa cantuinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia ʼna aonar?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:7
15 Iomraidhean Croise  

An uair sin shrac an t‑àrd‑shagart aodach‑uachdair, ag ràdh, “Tha e air toibheum a ràdh. Dè am feum a th' againn tuilleadh air fianaisean? Chuala sibh a‑nis an toibheum.


Agus seall, thuirt cuid de na sgrìobhaichean riutha fhèin, “Tha am fear seo ri toibheum!”


Chuala sibh an toibheum. Dè ur barail‑se?” Agus dhìt iad uile e mar airidh air bàs.


A‑nis bha cuid dhe na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, a' reusanachadh nan cridheachan,


Agus cho luath 's a bha fios aig Ìosa na spiorad gun robh iadsan a' reusanachadh mar sin annta fhèin, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' reusanachadh nan rudan sin nur cridheachan?


Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusanachadh, ag ràdh, “Cò e seo a tha a' bruidhinn gu toibheumach? Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach Dia a‑mhàin?”


An uair sin thòisich iadsan a bha nan suidhe aig a' bhòrd còmhla ris air a ràdh nam measg fhèin, “Cò tha seo, a tha eadhon a' mathadh pheacaidhean?”


Fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Chan ann airson obair mhath a tha sinn a' dol gad chlachadh, ach airson toibheim, a chionn 's gu bheil thusa, nach eil ach nad dhuine, a' dèanamh Dia dhìot fhèin.”


an can sibh ris‑san, a naomhaich an t‑Athair agus a chuir e dhan t‑saoghal, ‘Tha thu ag ràdh toibheim,’ a chionn 's gun tuirt mi, ‘Is mise Mac Dhè’?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan