Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “A leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Nuair a chunnaic Iosa an creideamh-san, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Nuair a chunnaic Iosa an creideamh‐san, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Nuair a chunnaic Iosa cho làidir 's a bha an creideamh, thuirt e ris a' chrioplach, “A mhic, tha do pheacaidhean air am mathadh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 ʼS nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:5
28 Iomraidhean Croise  

Agus seall, thug iad thuige duine air an robh a' phairilis, na laighe air leabaidh. Agus nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “Biodh deagh mhisneach agad, a leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”


Thionndaidh Ìosa, agus ga faicinn thuirt e, “A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu.” Agus sa bhad chaidh am boireannach a dhèanamh slàn on uair sin.


Oir dè as fhasa: a ràdh, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no, ‘Èirich agus coisich’?


A‑nis bha cuid dhe na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, a' reusanachadh nan cridheachan,


Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”


Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thuirt e, “A dhuine, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”


Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth.”


agus nach robh feum aige air fianais duine sam bith mu dhuine, oir bha fios aige dè a bh' anns an duine.


Às dèidh sin lorg Ìosa e san teampall agus thuirt e ris, “Seall, chaidh do shlànachadh; na peacaich tuilleadh, mus tachair nas miosa dhut.”


Nuair a thàinig e 's a chunnaic e gràs Dhè, bha e toilichte agus dh'earalaich e orra uile fantainn dìleas nan cridhe dhan Tighearna,


Dh'èist e ri Pòl a' bruidhinn. Agus thuirt Pòl – a' geur‑amharc air agus a' faicinn gun robh creideamh aige gus a bhith air a dhèanamh slàn –


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


Air an adhbhar seo tha mòran nur measg lag is tinn, agus tha grunnan nan cadal.


Ach neach dhan toir sibhse mathanas ann an nì sam bith, mathaidh mise cuideachd; oir dha‑rìribh na mhath mise – ma mhath mi nì sam bith – rinn mi e air ur son‑se ann an làthair Chrìosd,


Oir le gràs chaidh ur sàbhaladh tro chreideamh, agus sin chan ann uaib' fhèin; is e tiodhlac Dhè a th' ann


a' giùlain le chèile agus a' mathadh dha chèile, ma tha cùis‑ghearain aig neach an aghaidh neach; mar a thug Crìosd mathanas dhuibhse, mar sin bu chòir dhuibhse dèanamh cuideachd.


agus slànaichidh ùrnaigh a' chreideimh am fear a tha tinn, agus togaidh an Tighearna suas e. Agus ma rinn e peacaidhean, thèid am mathadh dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan