Marcus 2:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20174 Nuair nach b' urrainn dhaibh faighinn faisg air Ìosa air sgàth an t‑sluaigh, thug iad air falbh mullach an taighe os a chionn, agus às dèidh dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh am fear leis a' phairilis na laighe. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19924 Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19924 Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 19864 A chionns nach b'urrainn dhaibh Iosa a ruighinn leis cho dùmhail 's a bha an sluagh, dh'fhosgail iad mullach an taighe os a chionn, 's nuair a rinn iad toll, leig iad sìos an leabaidh air an robh an crioplach na laighe. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18754 ʼSa chionn nach bʼurrainn iad a chur ʼna lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad an tigh far an robh e; ʼs air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe ʼna laidhe. Faic an caibideil |