Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:26 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

26 Mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiàtair an t‑àrd‑shagart, agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach eil laghail do neach sam bith ithe ach dha na sagartan, agus a thug e cuideachd dhan fheadhainn a bha còmhla ris?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

26 Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

26 Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd‐shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

26 Ghabh e a‑steach a thaigh Dhè nuair a bha Abiàtar na àrd-shagart, 's dh'ith e Aran na Fianais nach fhaod duine sam bith ithe ach na sagairt a‑mhàin, 's thug e cuid dheth dhan fheadhainn a bha còmhla ris.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

26 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte icheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhse a bha comhla ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:26
18 Iomraidhean Croise  

mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach robh laghail dha fhèin ithe no dhaibhsan a bha còmhla ris, ach dha na sagartan a‑mhàin?


Thuirt e riutha, “Nach do leugh sibhse riamh mar a rinn Daibhidh nuair a bha e ann an dìth, agus acras air fhèin agus orrasan a bha còmhla ris?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan