Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:25 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 Thuirt e riutha, “Nach do leugh sibhse riamh mar a rinn Daibhidh nuair a bha e ann an dìth, agus acras air fhèin agus orrasan a bha còmhla ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

25 Thuirt esan riu, “Nach do leugh sibh riamh mar a rinn Dàibhidh 's a chompanaich nuair a bha iad nan èiginn leis an acras?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 Us thuirt e riu: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Dài, nuair a bha e feumach ʼs air acras, e fhein agus iadsan a bha cuide ris?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:25
11 Iomraidhean Croise  

Fhreagair e, “Nach do leugh sibh, an t‑Aon a chruthaich iad anns an toiseach, ‘rinn e fireann agus boireann iad’


Agus thuirt iad ris, “A bheil thu a' cluinntinn dè a tha iad sin ag ràdh?” Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha. Nach do leugh sibhse riamh: ‘A‑mach à beul naoidhean agus chìochran dh'ullaich thu moladh’?”


Thuirt Ìosa riutha, “Nach do leugh sibh riamh anns na Sgriobtaran: “‘A' chlach a dhiùlt na clachairean, chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith; chaidh seo a dhèanamh leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean‑ne’?


Ach a‑thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an rud sin a chaidh a ràdh ribh le Dia,


Agus às dèidh dha trasgadh airson ceathrad latha agus ceathrad oidhche, bha an t‑acras air.


Bha seachdnar bhràithrean ann; agus ghabh a' chiad fhear dhiubh bean is nuair a chaochail e cha do dh'fhàg e sliochd.


Ach a thaobh nam marbh a bhith air an togail, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, sa chunntas mun phreas, mar a bhruidhinn Dia ris, ag ràdh, ‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib’?


Agus thuirt na Pharasaich ris, “Seall, carson a tha iad a' dèanamh an rud nach eil ceadaichte air Latha na Sàbaid?”


Mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiàtair an t‑àrd‑shagart, agus a dh'ith e an t‑aran coisrigte, nach eil laghail do neach sam bith ithe ach dha na sagartan, agus a thug e cuideachd dhan fheadhainn a bha còmhla ris?”


Thuirt e ris, “Dè a tha sgrìobhte san lagh? Ciamar a tha thu ga leughadh?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan