Marcus 2:22 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201722 Agus chan eil duine sam bith a' cur fìon ùr ann an seann searragan. Ma chuireas, sracaidh am fìon ùr na searragan, agus tha am fìon agus na searragan air an sgrios, ach tha fìon ùr ga chur ann an searragan ùra.” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199222 Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199222 Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198622 'S cha chuir neach sam bith fìon ùr ann an seann bhotaill-chraicinn. Ma nì e sin, sracaidh am fìon na craicinn, 's thèid an dà chuid am fìon 's na craicinn a dholaidh. Feumaidh fìon ùr craicinn ùra.” Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187522 Agus cha chuir duine sam bith fion ùr ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is còir fion ùr a chur an searragan ùra. Faic an caibideil |