Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 “Chan eil neach sam bith a' fuaigheal pìos aodaich neosheargte air seann bhad aodaich. Ma dh'fhuaighleas, tha an tuthag a' draghadh air falbh uaithe – am pìos ùr on t‑seann phìos – agus tha an sracadh air a dhèanamh nas miosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

21 “Cha chàirich duine sam bith toll air seann aodach le brèid ùr nodha. Ma nì e sin, tarraingidh am brèid ùr an seann aodach, 's bidh an toll nas mò buileach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 Cha n-fhuaghail duine air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: air-neo bheir am breid ùr a liad fhein as an t-seann aodach, us bithidh an stracadh nas mua.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:21
7 Iomraidhean Croise  

“Chan eil neach sam bith a' fuaigheal pìos aodaich neo‑sheargte air seann bhad aodaich, oir tha an tuthag a' draghadh air falbh on bhad aodaich, agus tha sracadh nas miosa air a dhèanamh.


Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh san latha sin.


Agus chan eil duine sam bith a' cur fìon ùr ann an seann searragan. Ma chuireas, sracaidh am fìon ùr na searragan, agus tha am fìon agus na searragan air an sgrios, ach tha fìon ùr ga chur ann an searragan ùra.”


Dh'innis e cuideachd cosamhlachd dhaibh: “Chan eil neach sam bith a' sracadh pìos o bhad aodaich ùr agus ga chur air seann bhad aodaich. Ma tha, sracaidh e an t‑aodach ùr, agus cha tig am pìos on fhear ùr ris an t‑seann fhear.


Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan