Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh san latha sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh-pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh‐pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Ach thig an t‑àm nuair a bhios fear-na‑bainnse air a thoirt bhuapa, agus traisgidh iad an‑uairsin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:20
29 Iomraidhean Croise  

An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Bidh sibh uile air ur sgainnealachadh asam air an oidhche seo, oir tha e sgrìobhte: “‘Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda.’


Agus thuirt Ìosa riutha, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse a bhith brònach fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt air falbh uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh.


Fhreagair Ìosa, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse trasgadh fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Cho fada 's a tha fear na bainnse aca còmhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.


“Chan eil neach sam bith a' fuaigheal pìos aodaich neosheargte air seann bhad aodaich. Ma dh'fhuaighleas, tha an tuthag a' draghadh air falbh uaithe – am pìos ùr on t‑seann phìos – agus tha an sracadh air a dhèanamh nas miosa.


An uair sin thuirt e ris na deisciobail, “Thig na làithean nuair a mhiannaicheas sibh aon dhe na làithean aig Mac an Duine fhaicinn, ach chan fhaic sibh e.


Ach thig na làithean nuair a thèid fear na bainnse a thoirt uapa; agus an uair sin trasgaidh iad anns na làithean sin.”


Oir tha na bochdan agaibh còmhla ribh an‑còmhnaidh, ach chan eil mise agaibh an‑còmhnaidh.”


“A chlann bheag, bidh mise còmhla ribh dìreach ùine bheag fhathast. Siridh sibh mi, agus dìreach mar a thuirt mi ri na h‑Iùdhaich, tha mi a‑nis ag ràdh ribhse, ‘Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’.


Thàinig mi on Athair agus tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal; agus a‑nis tha mi a' fàgail an t‑saoghail agus a' dol chun an Athar.”


Ach tha mi ag innse na fìrinn dhuibh: is ann gu ur buannachd a tha e gu bheil mise a' falbh. Oir mura falbh mi, cha tig an Neach‑Cuideachaidh thugaibhse; ach ma dh'fhalbhas mi, cuiridh mi esan thugaibh.


Chan eil mise tuilleadh anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a' tighinn thugadsa. Athair naoimh, cùm iadsan nad ainm, a tha thu air a thoirt dhòmhsa, airson 's gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne.


“Ach a‑nis tha mi a' tighinn thugadsa, agus tha mi ag ràdh nan rudan seo anns an t‑saoghal, airson 's gum faod m' aoibhneas a bhith air a choileanadh annta fhèin.


Am fear aig a bheil bean na bainnse is esan fear na bainnse, ach tha caraid fhir na bainnse a tha na sheasamh agus ag èisteachd ris làn aoibhneis nuair a chluinneas e guth fhir na bainnse. Mar sin tha an t‑aoibhneas seo agamsa air a choileanadh.


Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, fhad 's a bha iad a' coimhead air, chaidh a thogail suas agus thug sgòth às an sealladh e.


Agus nuair a bha iad air èildearan a shuidheachadh dhaibh anns gach eaglais, às dèidh ùrnaigh a dhèanamh le trasgadh, dh'earb iad iadsan dhan Tighearna san robh iad air creidsinn.


Neach a dh'fheumas nèamh a ghabhail a‑steach gus an t‑àm nuair a thèid a h‑uile rud aiseag, air an do bhruidhinn Dia le beul nam fàidhean naomha aige o chionn fhada.


Na cumaibh o chèile, ach 's dòcha le cead a chèile airson ùine ghoirid, airson 's gun coisrig sibh sib' fhèin do dh'ùrnaigh, ach an uair sin thigibh còmhla a‑rithist, airson 's nach buair an Sàtan sibh air sgàth cion ur fèin‑smachdachaidh.


Oir tha mi eudmhor mur deidhinn le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal‑pòsaidh eadar sibhse is aon fhear, airson 's gum faodainn ur nochdadh mar òigh fhìorghlan do Chrìosd.


ann an saothair is sgìos, tro mhòran oidhcheannan gun chadal, ann an acras is tart, ann an trasgan gu tric, ann am fuachd is lomnochd.


ann an dochainnean, ann am prìosanan, ann am buairidhean, ann an saothairean, ann an dìth cadail, ann an trasgaidhean;


Dèanamaid aoibhneas is dèanamaid toileachas, agus thoireamaid a' ghlòir dhàsan, oir tha banais an Uain air tighinn, agus tha a bhean‑san air i fhèin ullachadh.


Agus thàinig aon dhe na seachd ainglean aig an robh na seachd bobhlaichean làn dhe na seachd plàighean deireannach, agus bhruidhinn e rium, ag ràdh, “Thig an seo! Seallaidh mi dhut bean na bainnse, bean an Uain.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan