Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Chruinnich urad a dhaoine 's nach robh àite ann dhan chòrr, fiù 's man doras. Nuair a bha e a' toirt dhaibh a theachdaireachd,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:2
20 Iomraidhean Croise  

Agus dh'fhosgail e a bheul agus theagaisg e iad, ag ràdh:


A‑nis às dèidh do dh'Eòin a bhith air a chur an grèim, thàinig Ìosa a‑steach do Ghalile, a' searmonachadh soisgeul Dhè,


Bha am baile gu lèir air a chruinneachadh aig an doras.


agus lorg iad e is thuirt iad ris, “Tha a h‑uile duine a' coimhead air do shon!”


Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.


Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh.


Chaidh e a‑mach a‑rithist ri taobh na mara. Bha an sluagh gu lèir a' tighinn thuige, agus bha e gan teagasg.


Nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige riutha, a chionn 's gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille. Agus thòisich e air mòran rudan a theagasg dhaibh.


Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd.


Air aon dhe na làithean sin, nuair a bha e a' teagasg, bha Pharasaich agus luchd‑teagaisg lagha nan suidhe an sin a bha air tighinn às gach uile bhaile de Ghalile agus de dh'Iudèa agus à Ierusalem. Agus bha cumhachd an Tighearna còmhla ris airson 's gun dèanadh e slànachadh.


Às dèidh sin shiubhail e air adhart tro gach baile mòr is gach baile beag a' searmonachadh agus ag aithris deagh sgeul rìoghachd Dhè. Agus bha an dà fhear dheug còmhla ris,


“Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè.


A‑nis shiubhail iadsan a chaidh a sgapadh, air sgàth a' gheur‑leanmhainn a dh'èirich co‑cheangailte ri Steaphan, cho fada ri Phenice is Cìopras is Antioch, gun am facal a bhruidhinn ri neach sam bith ach na h‑Iùdhaich.


Agus nuair a bha iad air facal Dhè a bhruidhinn ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia.


Chaidh iad tro cheàrnaidh Phrigia is Ghalàtia, às dèidh dhaibh a bhith air am bacadh leis an Spiorad Naomh on fhacal a bhruidhinn ann an Àisia.


Mar sin nuair a bha iad air fianais a thogail agus air facal an Tighearna aithris, thill iad gu Ierusalem, a' searmonachadh an t‑soisgeil ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.


Ach dè a tha i ag ràdh? “Tha am facal faisg ort, nad bheul agus nad chridhe.” (Is e sin facal a' chreideimh a tha sinne a' cur an cèill).


searmonaich am facal, bi deiseil nuair a tha e goireasach 's nuair nach eil e goireasach, thoir am follais, cronaich, misnich, leis a h‑uile fhad‑fhulangas is theagasg.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan