Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe còmhla ri peacaich agus ri cìs‑mhaoir, thuirt iad ri dheisciobail, “Carson a tha e ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Nuair a chunnaic sgrìobhaichean nam Pharasach gun robh e a' gabhail bìdh còmhla ri peacaich agus luchd-cìse, thuirt iad ri a dheisdobail, “Carson a tha e ag ithe còmhla ri luchd-cìse agus ri peacaich?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Agus na Sgriobhaich ʼs na Phairisich a faicinn gun robh e g-iche comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-iche ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:16
14 Iomraidhean Croise  

Ach ma dhiùltas e èisteachd riuthasan, innis dhan eaglais e. Agus ma dhiùltas e fiù 's èisteachd ris an eaglais, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs‑mhaor.


Oir ma ghràdhaicheas sibh iadsan a tha gur gràdhachadh, dè an duais a th' agaibh? Nach eil fiù 's na cìs‑mhaoir a' dèanamh an aon rud?


Agus nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thuirt iad ri a dheisciobail, “Carson a dh'itheas ur fear‑teagaisg còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”


Agus fhad 's a bha e na shuidhe aig bòrd aig a thaigh‑san, bha mòran chìs‑mhaor is pheacach nan suidhe còmhla ri Ìosa agus a dheisciobail, oir bha mòran ann a lean e.


“Carson a tha am fear seo a' bruidhinn mar sin? 'S e toibheum a tha an seo. Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach an t‑Aon – Dia?”


Sheas am Pharasach agus rinn e an ùrnaigh seo ris fhèin: ‘A Dhè, tha mi a' toirt taing dhut nach eil mi mar a tha daoine eile – sanntach, eucorach, adhaltranach – no fiù 's coltach ris a' chìs‑mhaor seo.


Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a theàrnadh an nì sin a bha caillte.”


Nuair a chunnaic iad uile e, ghearain iad: “Tha e air a dhol a‑steach gus a bhith na aoigh aig duine peacach.”


Agus rinn na Pharasaich is na sgrìobhaichean aca gearain an aghaidh a dheisciobal‑san, ag ràdh, “Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”


An uair sin dh'èirich gleadhraich mhòr, agus sheas cuid de phàrtaidh nam Pharasach suas agus chùm iad a‑mach, “Chan eil sinne a' faighinn coire sam bith san duine seo. Dè ma bhruidhinn spiorad no aingeal ris?”


Tha an neach spioradail a' tuigsinn a h‑uile sìon, ach chan eil e fhèin ri bhith air a chur fo bhreith le neach sam bith:


Mar sin, thugaibh fa‑near esan a dh'fhuiling a' leithid de nàimhdeas na aghaidh o pheacaich, airson 's nach bi sibh air ur mì‑mhisneachadh no a' toirt thairis nur n‑inntinnean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan