Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Agus a' gabhail seachad, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig bùth na cìse agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite-togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite‐togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

14 Nuair a bha e a' gabhail an rathaid, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe anns an taigh-chusbainn. Thuirt e ris, “Thig còmhla riumsa.” Dh'èirich esan 's dh'fhalbh e còmhla ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 ʼS nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis ʼna shuidhe an tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:14
9 Iomraidhean Croise  

Ach thuirt Ìosa ris, “Lean mise, agus leig le na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh.”


Agus fhad 's a bha e na shuidhe aig bòrd aig a thaigh‑san, bha mòran chìs‑mhaor is pheacach nan suidhe còmhla ri Ìosa agus a dheisciobail, oir bha mòran ann a lean e.


Anndra, Philip, Bartolomèus, Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Tadèus, Sìmon an Canàanach;


Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Sìmon ris an canar an t‑Eudmhoraiche,


Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan