Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:13 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

13 Chaidh e a‑mach a‑rithist ri taobh na mara. Bha an sluagh gu lèir a' tighinn thuige, agus bha e gan teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

13 Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

13 Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

13 Turas eile chaidh e a‑mach ri taobh an loch. Bha mòran dhaoine a' tighinn thuige gun sgur, 's bha esan gan teagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

13 Us chaidh e mach a rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, us theagaisg e iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:13
11 Iomraidhean Croise  

Air an latha sin fhèin chaidh Ìosa a‑mach às an taigh agus shuidh e ri taobh na mara.


Fhad 's a bha Ìosa a' dol air adhart à sin, chunnaic e duine dham b' ainm Mata, na shuidhe aig bùth na cìse, agus thuirt e ris, “Lean mise.” Agus dh'èirich e is lean e e.


Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.


Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.


Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh.


A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.


ach cha robh iad a faighinn a' chothruim, oir bha an sluagh uile ag èisteachd gu dùrachdach ris.


Agus tràth gach madainn bhiodh an sluagh uile a' tighinn thuige anns an teampall airson èisteachd ris.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan