Marcus 2:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201712 Dh'èirich e agus sa bhad thog e suas a leabaidh agus chaidh e a‑mach mun coinneamh gu lèir. Bha iongnadh mòr orra uile agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Chan fhaca sinne riamh rud sam bith mar seo!” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199212 Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr-iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199212 Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr‐iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198612 Dh'èirich e anns a' bhad, thog e an leabaidh, 's choisich e a‑mach an sealladh an t‑sluaigh uile. Chuir seo ioghnadh anabarrach orra, 's thug iad moladh do Dhia, ag ràdh, “Chan fhaca sinn a leithid seo riamh.” Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187512 Agus ghrad-dhʼeirich e: ʼsa togail a leaba, dhʼfhalbh e ʼnam fianuis uile; air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh air fad, ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Cha n-fhaca sinn riamh a leithid so. Faic an caibideil |