Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Ach airson 's gum faod fios a bhith agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine air thalamh airson peacaidhean a mhathadh”, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis),

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Dearbhaidh mise dhuibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhathadh air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:10
8 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a thàinig Ìosa a‑steach do cheàrnaidh Chesarèa Philipi, dh'fhaighnich e dha dheisciobail, “Cò a tha daoine ag ràdh a th' ann am Mac an Duine?”


“Tha mi ag ràdh riut, èirich, tog suas do leabaidh, agus thalla dhad thaigh.”


Dè as fhasa, a ràdh ris an fhear air a bheil a' phairilis, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no a ràdh, ‘Èirich, tog suas do leabaidh agus coisich’?


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan