Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill e a Chapernàum, chaidh an naidheachd ma sgaoil gun robh e aig an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:1
13 Iomraidhean Croise  

Agus a' fàgail Nàsaret chaidh e agus dh'fhuirich e aig Capernàum ri taobh na mara, ann an ceàrnaidhean Shabuloin is Nephtali –


Agus a' dol a‑steach do dh'eathar chaidh Ìosa thairis agus thàinig e dhan bhaile aige fhèin.


Ach chaidh esan a‑mach agus thòisich e air tòrr aithris a dhèanamh agus air an naidheachd a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach b' urrainn do dh'Ìosa tuilleadh a dhol gu follaiseach a‑steach do bhaile. Ach dh'fhan e a‑muigh ann an àiteachan fàsail agus bha daoine a' tighinn thuige on a h‑uile taobh.


Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh.


An uair sin chaidh e dhachaigh, agus chruinnich an sluagh a‑rithist, air chor 's nach robh e an comas dhaibh fiù 's aran ithe.


Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh air falbh on t‑sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha mun abairt aige.


Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.


Agus nuair a chaidh e a‑steach dhan taigh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha gu prìobhaideach, “Carson nach robh an comas againne a thilgeil a‑mach?”


Agus thuirt e riutha, “Gun amharas canaidh sibh an gnàth‑fhacal seo rium: ‘A lighiche, leighis thu fhèin! Na chuala sinn a rinn thu ann an Capernàum, dèan an seo na do bhaile fhèin cuideachd.’”


Agus seall, bha cuid de dhaoine a' giùlain air leabaidh duine air an robh a' phairilis agus bha iad a' feuchainn ri a thoirt a‑steach agus a chur mu choinneamh Ìosa.


Nuair a chuala an duine seo gun robh Ìosa air tighinn a‑nuas à Iudèa gu Galile, chaidh e thuige agus dh'iarr e air tighinn a‑nuas agus a mhac a shlànachadh, oir bha e gus bàsachadh.


Agus nuair a chaidh am fuaim seo a dhèanamh, thàinig an sluagh còmhla, agus chuir seo troimh‑a‑chèile iad a chionn 's gun robh gach aon dhiubh gan cluinntinn a' bruidhinn na chànan fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan