Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus chaidh iad a‑mach is theich iad on tuam, oir bha ball‑chrith agus iongnadh air an greimeachadh, agus cha tuirt iad sìon ri neach sam bith, oir bha eagal orra. [Chan eil Marcas 16:9‑20 sna làmh‑sgrìobhainnean as tràithe no ann an tòrr dhe na fianaisean as sine.]

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball‐chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Chaidh iad a‑mach 's theich iad bhon uaigh, oir bha iad air chrith leis an ioghnadh a ghabh iad, 's cha leigeadh an t‑eagal leo guth a ràdh ri duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 ʼSa gabhail a mach, theich iadsa bhoʼn uaigh: oir ghlac eagal us balla-chrith iad; ʼs cha tuirt iad ni ri duine air bith: oir bha sgàth orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:8
10 Iomraidhean Croise  

Mar sin dh'fhalbh iad gu luath on tuam le eagal is le mòr‑aoibhneas, agus ruith iad a dh'innse dha a dheisciobail.


Agus nuair a chrìochnaich Ìosa na briathran seo, ghabh na slòigh iongnadh ri theagasg‑san,


Ach thallaibh, innsibh dha dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a' dol romhaibh a Ghalile. An sin chì sibh e, mar a thuirt e ribh.”


A‑nis nuair a dh'èirich e tràth air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nochd e an toiseach ri Màiri Magdalen, às an do thilg e seachd deamhain.


Na giùlainibh sporan, no poca, no cuarain, agus na cuiribh fàilte air neach sam bith air an t‑slighe.


Ach bha iadsan air an clisgeadh agus fo eagal, is shaoil iad gum b' e spiorad a chunnaic iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan