Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Ach thuirt e riutha, “Na biodh eagal oirbh. Tha sibh a' sireadh Ìosa o Nàsaret, a chaidh a cheusadh. Dh'èirich e; chan eil e an seo. Seallaibh an t‑àite far an do chuir iad na shìneadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Ach thuirt esan riu, “Na biodh eagal sam bith oirbh. Tha sibh a' lorg Iosa o Nàsaret, a bha air a cheusadh. Chaidh a thogail o na mairbh, chan eil e ann an seo. Seallaibh, sin an t‑àite far an do chàirich iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Us thuirt e riu: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh cheusadh: dhʼeirich e, cha n-eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:6
23 Iomraidhean Croise  

Oir dìreach mar a bha Iònah trì latha is trì oidhcheannan ann am broinn a' chreutair‑mara mhòir, 's ann mar sin a bhios Mac an Duine trì latha is trì oidhcheannan ann an cridhe na talmhainn.


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.”


Nì iadsan magadh air is tilgidh iad smugaid air, agus sgiùrsaidh iad e is cuiridh iad gu bàs e. Agus às dèidh trì latha èiridh e.”


Agus thug e leis Peadar, Seumas is Eòin, agus thòisich e air a bhith fo mhòr‑àmhghar 's air a bhuaireadh.


Sa bhad nuair a chunnaic an sluagh gu lèir e, bha iad fo iongnadh mòr is ruith iad thuige agus chuir iad fàilte air.


Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha,


Ach thog Dia suas e, ga shaoradh o phiantan a' bhàis, a chionn 's nach robh e an comas dha a bhith air a chumail leis a' bhàs.


biodh e aithnichte dhuibhse uile is do shluagh Israeil gu lèir gur ann le ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh – le ainm‑san tha an duine seo na sheasamh slàn an seo nur làthair‑se.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan