Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 A' dol a‑steach dhan tuam, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, air èideadh ann an culaidh fhada gheal, agus bha eagal mòr orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus air dhaibh dol a‑steach don àit-adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus air dhaibh dol a‑steach don àit‐adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Nuair a chaidh iad a‑steach dhan uaigh, chunnaic iad fear òg na shuidhe air an taobh dheas ann an aodach fada geal, 's ghabh iad an t‑eagal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 ʼSa dol a stigh doʼn uaigh, chunnaic iad oganach ʼna shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgàth orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:5
14 Iomraidhean Croise  

Bha aghaidh mar dhealanach agus aodach geal mar shneachda.


Agus bha iad uile fo uimhir de dh'iongnadh is gun do dh'fhaighnich iad do chàch‑a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr le ùghdarras! Tha e fiù 's a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.”


Agus thug e leis Peadar, Seumas is Eòin, agus thòisich e air a bhith fo mhòr‑àmhghar 's air a bhuaireadh.


A' coimhead suas, chunnaic iad gun robh a' chlach – a bha fìor mhòr – air a rolaigeadh air falbh.


Sa bhad nuair a chunnaic an sluagh gu lèir e, bha iad fo iongnadh mòr is ruith iad thuige agus chuir iad fàilte air.


Agus bha Sachariah fo dhragh mòr nuair a chunnaic e e, is bhuail eagal e.


An uair sin chaidh an deisciobal eile, a bh' air tighinn an toiseach chun an tuaim, cuideachd a‑steach agus chunnaic is chreid e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan