Marcus 16:19 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201719 Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199219 Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199219 Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas‐làimh Dhè. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198619 An dèidh dhan Tighearna Iosa a bhith a' bruidhinn riu, chaidh a thogail suas gu nèamh, agus shuidh e aig deaslàimh Dhè. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187519 Agus an deigh doʼn Tighearna Iosa labhairt riu, thogadh suas e gu neamh, agus tha e ʼna shuidhe air laimh dheis De. Faic an caibideil |
Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.