Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Ge b' e cò a chreideas agus a th' air a bhaisteadh, thèid a shàbhaladh, ach ge b' e cò nach creid, thèid a dhìteadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 An neach a chreideas 's a thèid a bhaisteadh, bidh e air a shàbhaladh, ach an neach nach creid, bidh e air a dhìteadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Esan a chreideas ʼsa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:16
36 Iomraidhean Croise  

Thallaibh‑se, mar sin, agus dèanaibh deisciobail dhen a h‑uile nàisean, gam baisteadh ann an ainm an Athar agus a' Mhic agus an Spioraid Naoimh,


agus ag ràdh, “Chaidh an t‑àm a choileanadh, agus tha rìoghachd Dhè faisg. Dèanaibh‑se aithreachas agus creidibh an soisgeul!”


Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh.


Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.


Ge b' e a chreideas anns a' Mhac, tha a' bheatha shìorraidh aige, ach ge b' e nach creid anns a' Mhac, chan fhaic e beatha, oir tha fearg Dhè a' fantainn air.”


Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith o uisge agus on Spiorad chan urrainn dha a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.


“Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e a chluinneas m' fhaclan agus a chreideas esan a chuir a‑mach mi, tha a' bheatha shìorraidh aige agus cha tig e a‑steach do bhreitheanas, ach chaidh a thoirt a‑mach à bàs gu beatha.


Fhreagair Ìosa, “Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an aon a chuir e a‑mach.”


Thuirt Ìosa riutha, “Is mise aran na beatha. An neach a thig thugamsa, cha bhi acras air, agus an neach a chreideas annamsa, cha bhi pathadh air gu bràth.


Oir is i seo toil m' Athar, gum biodh a' bheatha shìorraidh aig gach neach a choimheadas ris a' Mhac agus a chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.”


Dh'innis mi dhuibh gum bàsaicheadh sibh nur peacaidhean; oir mura creid sibh gur ‘mise E’, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.”


Dhàsan tha na fàidhean uile a' toirt fianais gum faigh a h‑uile neach a chreideas ann mathanas pheacaidhean tro ainm‑san.”


An uair sin bhruidhinn Pòl is Barnabas a‑mach gu dàn, ag ràdh, “Dh'fheumadh facal Dhè a bhith air a bhruidhinn ribhse an toiseach. Ach air sgàth 's gu bheil sibh ga dhiùltadh agus a' toirt breith nach eil sib' fhèin airidh air a' bheatha shìorraidh, seallaibh, tha sinne a' tionndadh gu na Cinnich.


Agus thuirt Peadar riutha, “Dèanaibh aithreachas agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Ìosa Crìosd airson mathanas ur peacaidhean, agus gheibh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.


Mar sin bha iadsan a ghabh ri fhacal‑san air am baisteadh, agus chaidh mu thrì mìle anam a chur riutha an latha sin.


Agus a‑nis carson a tha thu a' feitheamh? Èirich agus bi air do bhaisteadh agus nigh air falbh do pheacaidhean, a' gairm air ainm‑san.’


Na tachradh e gu bràth! Oir an uair sin ciamar a bheir Dia breith air an t‑saoghal?


ach air ar son‑ne cuideachd. Bidh e air a chunntadh dhuinne cuideachd – a tha a' creidsinn annsan a thog Ìosa ar Tighearna suas o na mairbh,


ann an teine lasrach, a' toirt peanais dhaibhsan aig nach eil eòlas air Dia agus dhaibhsan nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Ìosa.


Airson 's gun deigheadh breith a thoirt orrasan uile nach do chreid an fhìrinn, ach a ghabh tlachd ann an eucoir.


troimhesan – a thog e o na mairbh agus a ghlòraich e – tha sibhse a' creidsinn ann an Dia, airson 's gum bi ur creideamh agus ur dòchas ann an Dia.


Tha am baisteadh, a tha na choileanaidh air a seo, a‑nis a' sàbhaladh, chan ann le salchar a thoirt on chorp, ach le freagairt an deagh chogais mu choinneamh Dhè, tro aiseirigh Ìosa Crìosd,


Agus ma bha neach sam bith nach robh air a lorg sgrìobhte ann an leabhar na beatha, bha e air a thilgeil dhan loch theine.


Ach dhaibhsan a tha gealtach is eas‑creidmheach is gràineil is nam murtairean is nan adhaltranaich is nam buidsichean is a tha ri iodhal‑adhraidh agus dha na breugairean gu lèir, bidh am pàirt‑san san loch a tha a' losgadh le teine 's le pronnasg. 'S e sin an dara bàs.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan