Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Às dèidh sin nochd e ris an aon fhear dheug fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd, agus chronaich e iad airson an eas‑creideimh agus an cruas cridhe, a chionn 's nach do chreid iad iadsan a chunnaic e às dèidh dha èirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 An dèidh sin nochdadh e don aon‐fhear‐deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas‐cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

14 Mu dheireadh, chaidh a nochdadh dhan aon fhear deug iad-fhèin, 's iad nan suidhe a' gabhail am bìdh. Chronaich e iad airson an cion creidimh agus cruas an cridhe, nach do chreid iad an fheadhainn a bh'air fhaicinn an dèidh dha èirigh o na mairbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus thug e achasan dhaibh air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh dha eirigh rithist.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:14
24 Iomraidhean Croise  

An uair sin thòisich e air na bailtean far an deach a mhòr‑chuid dhe na h‑obraichean cumhachdach aige a dhèanamh a chronachadh, a chionn 's nach do rinn iad aithreachas.


Thuirt e riutha, “Air sgàth ur beag‑creideimh. Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh mar shìol de ghràinne mustaird agaibh, canaidh sibh ris a' bheinn seo, ‘Gluais à seo gu sin,’ agus gluaisidh i, agus cha bhi rud sam bith eu‑comasach dhuibh.”


Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha; ach bha cuid dhiubh teagmhach.


Agus thuirt e riutha, “Mar sin, a bheil sibhse fhathast gun tuigse?” Nach eil sibh a' faicinn nach urrainn do rud sam bith a thèid a‑steach do neach on taobh a‑muigh a dhèanamh neòghlan,


Ach bha na faclan seo mar fhaoin‑sgeulan dhaibh, agus cha robh iad gan creidsinn.


Thuirt e riutha, “A dhaoine amaideach agus mall‑chridheach gus a bhith a' creidsinn a h‑uile rud uile a thuirt na fàidhean!


Mar sin thuirt na deisciobail eile ris, “Chunnaic sinne an Tighearna.” Ach thuirt esan riutha, “Mura faic mise làrach nan tàirnean na làmhan, agus mura cuir mi mo chorrag ann an làrach nan tàirnean, agus mura cuir mi mo làmh na chliathaich, cha chreid mi.”


Ochd latha às dèidh sin, bha na deisciobail a‑rithist a‑staigh, agus bha Tòmas còmhla riutha. Ged a bha na dorsan glaiste, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e, “Sìth dhuibh.”


An uair sin thuirt e ri Tòmas, “Cuir do chorrag an seo, agus seall air mo làmhan. Sìn do làmh a‑mach an seo agus cuir nam chliathaich i. Na bi mì‑chreidmheach ach creidmheach.”


Às dèidh seo nochd Ìosa e fhèin a‑rithist dha na deisciobail aig Muir Thiberiais. Is ann san dòigh seo a nochd e e fhèin:


B' i seo a‑nis an treas uair a chaidh Ìosa a nochdadh dha na deisciobail, às dèidh dha a bhith air a thogail o na mairbh.


Dhaibhsan, thaisbein e e fhèin beò às dèidh an fhulangais aige le mòran chomharraidhean dearbhachail, a' nochdadh riutha fad dà fhichead latha is a' bruidhinn mu rìoghachd Dhè.


agus gun do nochd e do Chèphas is an uair sin dhan dà‑fhear‑dheug.


Iadsan uile dha bheil gràdh agam, ceartaichidh mi agus smachdaichidh mi; bi eudmhor mar sin agus dèan aithreachas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan