Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Às dèidh sin nochd e ri dithis dhiubh ann an cruth eile, fhad 's a bha iad a' coiseachd dhan dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

12 An dèidh seo chaidh a nochdadh ann an cruth eile do dhithis dhiubh, 's iad a' gabhail an rathaid a‑mach dhan dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 ʼS an deigh sin dhʼfhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach doʼn duthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:12
6 Iomraidhean Croise  

Às dèidh sin nochd e ris an aon fhear dheug fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd, agus chronaich e iad airson an eas‑creideimh agus an cruas cridhe, a chionn 's nach do chreid iad iadsan a chunnaic e às dèidh dha èirigh.


Agus fhad 's a bha e ag ùrnaigh, chaidh coltas aghaidh atharrachadh, agus dh'fhàs an t‑aodach aige geal mar bhoillsgeadh dealanaich.


Às dèidh seo nochd Ìosa e fhèin a‑rithist dha na deisciobail aig Muir Thiberiais. Is ann san dòigh seo a nochd e e fhèin:


B' i seo a‑nis an treas uair a chaidh Ìosa a nochdadh dha na deisciobail, às dèidh dha a bhith air a thogail o na mairbh.


Dhaibhsan, thaisbein e e fhèin beò às dèidh an fhulangais aige le mòran chomharraidhean dearbhachail, a' nochdadh riutha fad dà fhichead latha is a' bruidhinn mu rìoghachd Dhè.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan