Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Chaidh ise agus dh'innis i sin dhaibhsan a bh' air a bhith còmhla ris, a bha ri bròn is caoineadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus air imeachd dhise, dh’innis i sin dhaibhsan a bha maille ris, agus iad ri bròn agus gul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus air imeachd dhise, dh’innis i sin dhaibhsan a bha maille ris, agus iad ri bròn agus gul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Dh'fhalbh ise 's dh'innis i e dhan fheadhainn a bha air a bhith còmhla ris, 's iad fhathast a' caoidh 's a' gal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Dhʼfhalbh ise, agus dhʼ innis i dhaibhse a bhʼair a bhith comhla ris, ʼs iad a gal ʼsa caoidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:10
8 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chuala an duine òg am facal sin, dh'fhalbh e gu brònach, oir bha mòran saidhbhreis aige.


“An uair sin nochdaidh comharra Mhic an Duine ann an nèamh, 's an uair sin nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh, agus chì iad Mac an Duine a' tighinn air sgòthan nèimh, le cumhachd agus glòir ro mhòr.


Agus thuirt Ìosa riutha, “An urrainn do fhleasgaich na bainnse a bhith brònach fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? Ach thig na làithean anns an tèid fear na bainnse a thoirt air falbh uapa, agus an uair sin nì iad trasgadh.


Agus sa bhad ghairm coileach an dara h‑uair. Is chuimhnich Peadar air dè a thuirt Ìosa ris: “Mun gairm coileach dà uair, àicheidh tu mi trì tursan.” Agus bhris e sìos is chaoin e.


Thuirt e riutha, “Dè na gnothaichean a tha sibh a' deasbad eadaraibh fhad 's a tha sibh a' coiseachd?” Sheas iad gun ghluasad, an aghaidhean dubhach.


Ach a chionn 's gun tuirt mi na rudan seo ribh, tha bròn air ur cridhe a lìonadh.


Dh'fhalbh Màiri Magdalen agus dh'innis i dha na deisciobail, “Chunnaic mi an Tighearna,” agus gun tuirt e na rudan seo rithe.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan