Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri Magdalen is màthair Sheumais is Salòme spìosraidhean, airson 's gum faodadh iad a dhol ga ungadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais, agus Salome cungaidhean cùbhraidh airson a dhol ga ungadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 ʼS nuair a chaidh an t-sàbaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, us Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los, air tighinn daibh, gun ungadh iad Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:1
19 Iomraidhean Croise  

Agus fhad 's a bha e ann am Betani ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig boireannach le crogan alabastair de dh'acfhainn fìor chosgail, agus bhris i an crogan agus dhòirt i air a cheann i.


Rinn i na b' urrainn dhi: thàinig i ro‑làimh a dh'ungadh mo chuirp airson adhlacadh.


Bha boireannaich cuideachd a' coimhead o phìos às; nam measg sin bha Màiri Magdalen, agus Màiri màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme.


Agus nuair a bha am feasgar air tighinn, on a b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, 's e sin an latha ron t‑Sàbaid,


Agus chunnaic Màiri Magdalen agus Màiri màthair Iòseis far an deach a chur na shìneadh.


Fìor thràth sa mhadainn air a' chiad latha dhen t‑seachdain, nuair a bha a' ghrian air èirigh, chaidh iad chun an tuaim.


Agus chaidh iad a‑mach is theich iad on tuam, oir bha ball‑chrith agus iongnadh air an greimeachadh, agus cha tuirt iad sìon ri neach sam bith, oir bha eagal orra. [Chan eil Marcas 16:9‑20 sna làmh‑sgrìobhainnean as tràithe no ann an tòrr dhe na fianaisean as sine.]


B' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus bha an t‑Sàbaid a' tòiseachadh.


An uair sin thill iad agus dh'ullaich iad spìosraidhean agus olaichean‑cùbhraidh. Agus ghabh iad fois air latha na Sàbaid, a rèir na h‑àithne.


Ach air a' chiad latha dhen t‑seachdain, ann an camhanaich an latha, chaidh iad chun an tuaim, a' toirt leotha nan spìosraidhean a dh'ullaich iad.


Ach faisg air crann‑ceusaidh Ìosa sheas a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Màiri bean Chleòphais, agus Màiri Magdalen.


A chionn 's gum b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus airson 's nach fanadh na cuirp air a' chrann‑cheusaidh air an t‑Sàbaid (oir b' e latha mòr a bh' anns an latha Sàbaid sin), dh'iarr na h‑Iùdhaich air Pìlat gun deigheadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun deigheadh an toirt air falbh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan