Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Nuair a bha e ann an Galile, lean iadsan e agus rinn iad frithealadh dha, agus bha mòran bhoireannach eile ann a thàinig suas còmhla ris gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Nuair a bha e ann an Galile, bhiodh iad seo ga leantainn 's a' frithealadh dha. Bha mòran bhoireannaich eile ann cuideachd a thàinig suas a dh'Ierusalem còmhla ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 A lean e nuair a bha e ann an Galile, ʼsa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bhʼair direadh gu Ierusalem maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:41
3 Iomraidhean Croise  

A‑nis, chaidh an t‑aon dheisciobal deug a Ghalile, dhan bheinn far an do dh'òrdaich Ìosa dhaibh a dhol.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan