Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus dh'fhaighnich Pìlat dha, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” Agus fhreagair esan e, “Tha thu ga ràdh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Dh'fhaighnich Pìlat dheth, “An tusa rìgh nan Iùdhach?” Fhreagair esan, “'S tu‑fhèin a thubhairt e.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us dhʼfharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosʼ a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga gh-radh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:2
11 Iomraidhean Croise  

ag ràdh, “Càit a bheil esan a rugadh na Rìgh nan Iùdhach? Oir chunnaic sinne a rionnag anns an àird an ear agus tha sinn air tighinn a thoirt adhraidh dha.”


Agus a‑rithist thuirt Pìlat riutha, “Dè ma‑thà a bu toigh leibh a dhèanainn leis an duine ris an can sibh Rìgh nan Iùdhach?”


Agus thòisich iad air fhàilteachadh, ag ràdh, “Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!”


Bha sgrìobhadh a' chùis‑dìtidh na aghaidh ag ràdh: RÌGH NAN IÙDHACH.


Agus chuir na h‑àrd‑shagartan mòran chasaidean air.


Fhreagair Pìlat iad ag ràdh, “Am bu toigh leibh gun leiginn mu sgaoil dhuibh Rìgh nan Iùdhach?”


Tha mi a' cur ìmpidh ort mu choinneamh Dhè, a tha a' toirt beatha dha na h‑uile, agus Crìosd Ìosa a thug fianais mu choinneamh Phontius Pìlat an deagh aideachadh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan