Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Agus thug na saighdearan air falbh e a‑steach dhan lùchairt (is e sin am Praetorium), agus ghairm iad còmhla am buidheann shaighdearan gu lèir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

16 Dh'fhalbh na saighdearan leis a‑steach dhan lùchairt ris an canadh iad am Praetorium, agus ghairm iad còmhla an còrr dhen àireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cùirt an uachdrain, us ghairm iad am buidheann uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:16
8 Iomraidhean Croise  

An uair sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh ann an lùchairt an àrd‑shagairt, dham b' ainm Caiaphas,


Agus chuir iad aodach purpaidh air, agus às dèidh dhaibh droighinn fhighe nan crùn, chuir iad air e.


An uair sin thug iad Ìosa o Chaiaphas gu prìomh‑àros an riaghladair. Bha e tràth sa mhadainn. Cha deach iad fhèin a‑steach dhan phrìomh‑àros, airson 's nach biodh iad air an truailleadh, ach gun deigheadh aca air a' Chàisg ithe.


Mar sin chaidh Pìlat a‑steach dhan phrìomh‑àros aige a‑rithist agus ghairm e air Ìosa, agus thuirt e ris, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?”


Agus shnìomh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e. Chuir iad aodach‑uachdair purpaidh air,


agus chaidh e a‑steach a‑rithist dhan phrìomh‑àros, agus thuirt e ri Ìosa, “Cò às a tha thu?” Ach cha tug Ìosa freagairt dha.


Aig Cesarèa bha duine àraidh dham b' ainm Cornelius, ceannard‑ceud dhen bhuidheann ris an canar an Rèisimeid Eadailteach,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan