Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 15:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Oir thuig e gum b' ann air sgàth an fharmaid a bha na h‑àrd‑shagartan air a thoirt thairis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 (Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd-shagartan thairis e.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 (Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd‐shagartan thairis e.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Oir bha e a' tuigsinn gum b'e farmad a thug air na h‑àrd-shagairt Iosa a chur an sàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Oir bha fios aige gum bʼann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 15:10
13 Iomraidhean Croise  

Oir bha fhios aige gum b' ann air sgàth an fharmaid a thug iad thairis e.


Ach bhrosnaich na h‑àrd‑shagartan an sluagh airson 's, an àite sin, gun leigeadh e mu sgaoil Barabas.


Fhreagair Pìlat iad ag ràdh, “Am bu toigh leibh gun leiginn mu sgaoil dhuibh Rìgh nan Iùdhach?”


Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, chaidh an lìonadh le eud agus thòisich iad air cur an aghaidh na bha Pòl ag ràdh, 's a' toirt toibheim.


Oir bha sinne, sinn fhèin cuideachd, uaireigin amaideach, eas‑umhail, air seachran, nar tràillean do dh'ana‑miannan is do thlachdan de gach seòrsa, a' cur seachad ar beatha ann am mì‑rùn is ann am farmad, fuathach, 's a' toirt fuath dha chèile.


No a bheil sibh a' smaoineachadh gur ann gun adhbhar a tha an Sgriobtar ag ràdh, “Tha miann farmadach air Dia a thaobh an spioraid a chuir e annainn”?


Na bithibh mar Chàin a bhuineadh dhan droch fhear agus a mhurt a bhràthair. Agus carson a mhurt e e? A chionn 's gun robh a ghnìomhan fhèin olc agus gun robh cuid a bhràthar fìreanta.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan