Marcus 15:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Cho luath 's a thàinig a' mhadainn chùm na h‑àrd‑shagartan, còmhla ri na h‑èildearan, na sgrìobhaichean agus a' Chomhairle gu lèir, co‑chomhairle. Cheangail iad Ìosa agus thug iad air falbh e is thug iad thairis do Phìlat e. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd‐shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat. Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 19861 Aʼ cheud char sa mhadainn, thàinig na h‑àrd-shagairt, na h‑athraichean 's na sgrìobhaichean an ceann a chèile; bha an àrd-chomhairle gu lèir cruinn. Cheangail iad Iosa, 's shlaod iad leo e, ga thoirt thairis do Phìlat. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 18751 Agus gu luath sa mhaduinn chuir na h-ard-shagairt, ʼs na seannairean ʼs na Sgriobhaich, ʼsa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat. Faic an caibideil |