Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:72 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

72 Agus sa bhad ghairm coileach an dara h‑uair. Is chuimhnich Peadar air dè a thuirt Ìosa ris: “Mun gairm coileach dà uair, àicheidh tu mi trì tursan.” Agus bhris e sìos is chaoin e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

72 Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

72 Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

72 'S anns an dearbh mhionaid ghairm an coileach an dara uair. Chuimhnich Peadar mar a thuirt Iosa ris, “Mus gairm an coileach dà uair, nì thusa m'àicheadh trì uairean.” Cha b'urrainn dha cumail air, 's thòisich e air gal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

72 Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Us chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach dà uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thòisich e air gal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:72
15 Iomraidhean Croise  

Thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach, àicheidh tu mi trì tursan.”


Agus thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh fhèin air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach dà thuras, àicheidh tu mi trì tursan.”


Ach dh'àich esan e, ag ràdh, “Chan eil fios agam agus chan eil mi a' tuigsinn dè a tha thu ag ràdh.” Agus chaidh esan a‑mach dhan phoirdse, agus ghairm coileach.


Ach thòisich esan air mallachadh 's air mionnachadh, “Chan aithne dhomh an duine seo air a bheil sibh a' bruidhinn.”


Ach thuirt Peadar, “A dhuine, chan eil fhios a'm dè a tha thu ag ràdh.” Agus anns a' bhad, fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, ghairm coileach.


Agus chaidh e a‑mach agus chaoin e gu goirt.


Oir tha am bròn a tha diadhaidh a' buileachadh aithreachas a tha gun chaoidh 's a tha a' treòrachadh gu sàbhaladh, ach tha bròn an t‑saoghail a' buileachadh bàs.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan