Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:67 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

67 agus a' faicinn Pheadair ga gharadh fhèin, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha thusa cuideachd còmhla ri Ìosa o Nàsaret.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

67 Agus nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh, agus air dhi beachdachadh air, thubhairt i ris, Bha thusa cuideachd maille ri Iosa o Nàsaret.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

67 Agus nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh, agus air dhi beachdachadh air, thubhairt i ris, Bha thusa cuideachd maille ri Iosa o Nàsaret.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

67 Thug i sùil air 's thuirt i ris, “Bha thus' thu-fhèin còmhla ris an Nàsarach, Iosa.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

67 ʼS nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:67
9 Iomraidhean Croise  

agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”


Agus thuirt an sluagh, “Is e seo Ìosa am fàidh o Nàsaret Ghalile.”


ag ràdh, “Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”


Nuair a chuala e gum b' e Ìosa o Nàsaret a bh' ann, thòisich e air èigheach agus air a ràdh, “Ìosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”


Agus lean Peadar e pìos air falbh, eadhon a‑steach do chùirt‑lios an àrd‑shagairt. Agus bha e na shuidhe còmhla ri na seirbheisich, agus ga bhlàthachadh fhèin aig an teine.


A‑nis bha na tràillean agus na seirbheisich air teine guail‑fiodha a dhèanamh, a chionn 's gun robh i fuar, agus bha iad nan seasamh 's gam blàthachadh fhèin. Bha Peadar cuideachd na sheasamh còmhla riutha, agus ga bhlàthachadh fhèin.


Sgrìobh Pìlat tiotal cuideachd agus chuir e air a' chrann‑cheusaidh e. Agus b' e an sgrìobhadh ÌOSA O NÀSARET, RÌGH NAN IÙDHACH.


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan