Marcus 14:61 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201761 Ach dh'fhan esan sàmhach; cha tug e freagairt sam bith. A‑rithist cheasnaich an t‑àrd‑shagart e, ag ràdh, “An tusa an Crìosd, Mac an Aoin Bheannaichte?” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199261 Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199261 Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd‐shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte? Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198661 Ach dh'fhan esan sàmhach 's cha tuirt e guth. A‑rithist dh'fhaighnich an t‑àrd-shagart dheth, “An tusa an Crìosd, Mac an Aoin Bheannaichte?” Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187561 Ach dhʼfhan esan ʼna thosd, agus cha do fhreagair e guth. Agus dhʼfharraid an t-ard-shagart dheth rithist, us thuirt e ris: An tu an Criosta, Mac an De bheannaichte? Faic an caibideil |
An uair sin thuirt Pìlat ris, “Mar sin, 's e rìgh a th' annad?” Fhreagair Ìosa, “Tha thusa ag ràdh gur e rìgh a th' annam. Is ann air an adhbhar seo a rugadh mi agus air an adhbhar seo a tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal, airson 's gun toirinn fianais air an fhìrinn. Èistidh gach neach a tha dhen fhìrinn rim ghuth‑sa.”