Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Ach thuirt Ìosa, “Leigibh leatha. Carson a tha sibh a' cur dragh oirre? Rinn i gnìomh àlainn dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach thubhairt Iosa, Leigibh leatha; carson a tha sibh a’ cur dragh oirre? Rinn i obair mhath ormsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach thubhairt Iosa, Leigibh leatha; carson a tha sibh a’ cur dragh oirre? Rinn i obair mhath ormsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Ach thuirt Iosa, “Leigibh leatha; carson a tha sibh ga sàrachadh? Rinn i deagh ghnìomh dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, car-son tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:6
23 Iomraidhean Croise  

Ach, mothachail mun seo, thuirt Ìosa riutha, “Carson a tha sibh a' cur dragh air a' bhoireannach? Oir rinn i gnìomh àlainn dhòmhsa.


Oir dh'fhaodadh an acfhainn seo a bhith air a reic airson barrachd air tuarastal bliadhna agus air a toirt dha na bochdan.” Agus chronaich iad i.


Oir tha na bochdan an‑còmhnaidh agaibh còmhla ribh, agus uair sam bith a thoilicheas sibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh. Ach cha bhi mise an‑còmhnaidh agaibh.


A‑nis ann an Iopa bha bana‑dheisciobal dham b' ainm Tabita, a tha, air eadar‑theangachadh, a' ciallachadh Dorcas. Bha ise làn de dheagh obraichean is de ghnìomhan carthannais a bha i a' dèanamh gun sgur.


Oir chan e an neach a tha ga mholadh fhèin a th' air a dheagh mheasadh, ach an neach a tha an Tighearna a' moladh.


Agus tha Dia an comas air a h‑uile gràs a dhèanamh pailt dhuibh, airson 's – an‑còmhnaidh le gu leòr sa h‑uile sìon – gum bi pailteas agaibh airson gach deagh obrach.


Oir is sinne obair‑san, air ar cruthachadh ann an Crìosd Ìosa airson deagh obraichean, a dh'ullaich Dia ro‑làimh, airson 's gun coisicheamaid annta.


airson 's gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh air an Tighearna, gus a thoileachadh sa h‑uile dòigh, a' toirt a‑mach toraidh sa h‑uile deagh obair 's a' fàs ann an eòlas Dhè,


misnicheadh e ur cridheachan agus stèidhicheadh e sinn sa h‑uile h‑obair is facal math.


tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.


gus math a dhèanamh, gus a bhith pailt ann an obraichean mhatha, gus a bhith fialaidh, deiseil gu bhith a' compàirteachadh.


Mar sin ma ghlanas duine sam bith e fhèin o na rudan seo, bidh e na shoitheach airson urraim, air a naomhachadh, feumail dhan Mhaighstir, airson a h‑uile deagh obair a th' air ullachadh.


airson 's gum biodh duine Dhè air a dheisealachadh, 's e air uidheamachadh airson gach deagh obair.


Thug esan e fhèin seachad air ar son gus an saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e sluagh sònraichte dha fhèin, eudmhor mu dheagh obraichean.


anns gach nì gan nochdadh fhèin mar shamhladh dheagh obraichean, ann an teagasg a' nochdadh treibhdhireachd, iomchaidheachd,


Ionnsaicheadh na daoine againne cuideachd a bhith adhartach ann an deagh obraichean airson feumalachdan riatanach, gus nach bi iad gun toradh.


Is fìor am facal seo, agus mu na rudan seo bu mhath leam gun dearbhadh tu iad gu làidir, airson 's gum bi iadsan, a th' air creidsinn ann an Dia, cùramach a bhith coisrigte do dheagh obraichean. Tha na rudan seo math is tairbheach do dhaoine.


Agus gabhamaid an aire dha chèile gus gràdh agus deagh obraichean a bhrosnachadh,


gur coileanadh leis gach rud math airson a thoil a dhèanamh, ag obrachadh nar measg na tha taitneach fa chomhair‑san, tro Ìosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir fad saoghal nan saoghal. Amen.


Biodh deagh dhòigh‑beatha agaibh am measg nan Cinneach, airson 's ge b' e dè a chanas iad nur n‑aghaidh mar luchd‑dèanamh‑uilc, le ur deagh obraichean fhaicinn, gun glòraich iad Dia ann an latha a thadhail‑san.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan