Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:58 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

58 “Chuala sinne e ag ràdh, ‘Sgriosaidh mi an teampall seo a chaidh a dhèanamh le làmhan, agus ann an trì latha togaidh mi fear eile, nach deach a thogail le làmhan.’”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

58 Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

58 Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

58 “Chuala sinne e ag ràdh, ‘Cuiridh mise ás a chèile an teampall seo a chaidh a thogail le làmhan dhaoine, 's an ceann trì là togaidh mi teampall eile ris nach do bhean làmh duine’.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

58 Chuala sinn e g-radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach dʼrinneadh le lamhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:58
11 Iomraidhean Croise  

agus thuirt iad, “Thuirt an duine seo, ‘Tha mise an comas teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rithist ann an trì latha.’”


Sheas cuid suas agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh,


Ach fiù 's mu dheidhinn sin cha robh aonta nan cuid fianais.


Agus rinn iadsan a bha a' dol seachad magadh air, a' crathadh an cinn agus ag ràdh, “Ha! Thusa a leagadh an teampall agus a thogadh e ann an trì latha,


Fhreagair Ìosa iad, “Sgriosaibh an teampall seo, agus ann an trì latha togaidh mise suas a‑rithist e.”


Ge‑tà, chan eil an t‑Aon as Àirde a' fuireach ann an taighean a chaidh an dèanamh le làmhan, mar a tha am fàidh ag ràdh:


Oir tha fios againn, ma thèid taigh talmhaidh ar pàillein a thilgeil sìos, gu bheil taigh againn o Dhia, nach deach a thogail le làmhan; sìorraidh sna nèamhan.


Ach thàinig Crìosd mar àrd‑shagart nan deagh rudan a thàinig gu bith, tron phàillean a tha nas motha 's nas foirfiche, nach deach a dhèanamh le làmhan, 's e sin, nach buin dhan chruthachadh seo.


Oir cha deach Crìosd a‑steach do dh'àite naomh a chaidh a dhèanamh le làmhan, samhla dhen fhìor fhear, ach do nèamh fhèin airson nochdadh mu choinneamh Dhè air ar son‑ne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan