Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:55 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

55 A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus a' Chomhairle gu lèir a' sireadh fianais an aghaidh Ìosa airson a chur gu bàs, ach cha d' fhuair iad sìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

55 Agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

55 Agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

55 Bha na prìomh-shagairt agus a' chomhairle gu lèir a' feuchainn ri daoine a lorg a thogadh fianais an aghaidh Iosa, 's gum biodh cothrom aca a chur gu bàs, ach cha robh a' dol leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

55 Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt, ʼsa chomhairle uile, comhdach an aghaidh Iosa, gus a chur gu bàs, agus cha dʼfhuair iad sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:55
13 Iomraidhean Croise  

Ach tha mise ag ràdh ribh gum bi a h‑uile neach a tha feargach ri bhràthair buailteach air breitheanas; ge b' e neach a chanas ri bhràthair, ‘A ghloidhc!’ gum bi e ann an cunnart na Comhairle; ach ge b' e neach a chanas ‘Amadain!’ gum bi e ann an cunnart teine Ifrinn.


Oir bha mòran a' toirt fianais bhrèige na aghaidh, ach cha robh aonta nan cuid fianais.


An uair sin cheasnaich an t‑àrd‑shagart Ìosa mu a dheisciobail agus mu a theagasg.


Carson a tha thu gam cheasnachadh? Ceasnaich iadsan a chuala na thuirt mi riutha; tha fios acasan dè a thubhairt mi.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan