Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:54 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

54 Agus lean Peadar e pìos air falbh, eadhon a‑steach do chùirt‑lios an àrd‑shagairt. Agus bha e na shuidhe còmhla ri na seirbheisich, agus ga bhlàthachadh fhèin aig an teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

54 Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

54 Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd‐shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

54 Lean Peadar e pìos math bhuaithe a‑steach gu ruig a' chùirt air beulaibh taigh an àrd-shagairt. Bha e na shuidhe còmhla ris na geàird, ga gharadh fhèin ris an teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

54 Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cùirt an ard-shagairt; ʼs bha e ʼna shuidhe marris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:54
15 Iomraidhean Croise  

An uair sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh ann an lùchairt an àrd‑shagairt, dham b' ainm Caiaphas,


Agus bha Peadar ga leantainn pìos às, cho fada ri cùirt‑lios an àird‑shagairt, agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e còmhla ris na seirbheisich a dh'fhaicinn deireadh na cùise.


Dèanaibh faire is ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”


Fhad 's a bha Peadar gu h‑ìosal sa chùirt‑lios, thàinig aon de bhana‑sheirbheisich an àrd‑shagairt,


Agus ann an àmhghar, rinn e ùrnaigh na bu dhùrachdaiche, agus bha am fallas aige mar bhoinnean mòra fala a' tuiteam sìos air an talamh.]


An uair sin rug iad air agus thug iad leotha e a‑steach do thaigh an àrd‑shagairt. Agus bha Peadar a' leantainn pìos air falbh.


A‑nis bha na tràillean agus na seirbheisich air teine guail‑fiodha a dhèanamh, a chionn 's gun robh i fuar, agus bha iad nan seasamh 's gam blàthachadh fhèin. Bha Peadar cuideachd na sheasamh còmhla riutha, agus ga bhlàthachadh fhèin.


A‑nis bha Sìmon Peadar na sheasamh ga bhlàthachadh fhèin. Mar sin thuirt iad ris, “'S e aon dhe a dheisciobail a th' annadsa cuideachd, nach e?” Dh'àich esan e agus thuirt e, “Chan e.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan