Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:49 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

49 Bha mi còmhla ribh gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi. Ach biodh na Sgriobtairean air an coileanadh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

49 Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

49 Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

49 'S iomadh là bha mi còmhla ruibh san teampall a' teagasg, 's cha do chuir sibh an sàs mi. Ach feumaidh na sgriobtairean tighinn gu buil.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

49 Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach ʼsann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:49
27 Iomraidhean Croise  

Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t‑saoghal. Tha mi an‑còmhnaidh air teagasg anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h‑Iùdhaich gu lèir a' tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair.


Tràth anns a' mhadainn thàinig e a‑rithist a‑steach dhan teampall, agus chruinnich an sluagh uile timcheall air, agus shuidh e sìos agus theagaisg e iad.


Oir tha mi ag ràdh ribh gum feum na chaidh a sgrìobhadh a bhith air a choileanadh annamsa: ‘Bha e air àireamh am measg nan ciontach.’ Oir tha na tha seo mum dheidhinn‑sa ga choileanadh.”


Agus fhad 's a theagaisg Ìosa san teampall thuirt e, “Ciamar as urrainn dha na sgrìobhaichean a ràdh gur e an Crìosd Mac Dhaibhidh?


Ach thachair seo uile airson 's gum biodh sgrìobhaidhean nam fàidhean air an coileanadh.” An uair sin dh'fhàg na deisciobail uile e agus theich iad.


Ach ciamar an uair sin a bhiodh na Sgriobtaran air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo a dh'fheumas tachairt?”


Thachair seo uile airson 's gun deigheadh an rud a thuirt an Tighearna tron fhàidh a choileanadh, a tha ag ràdh,


agus bha Ìosa a' coiseachd anns an teampall ann an sgàil‑thaigh Sholaimh.


Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, ag ràdh, “Is mise solas an t‑saoghail. An neach a leanas mise, cha choisich e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.”


Air an latha mu dheireadh dhen Fhèill, an latha mòr, sheas Ìosa agus dh'èigh e, “Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e thugamsa agus òladh e.


Agus bha e a' teagasg gach latha anns an teampall. Bha na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus ceannardan an t‑sluaigh ag iarraidh a chur gu bàs,


Thàinig iad a‑rithist gu Ierusalem, agus fhad 's a bha Ìosa a' coiseachd anns an teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan thuige,


Aig an àm sin thuirt Ìosa ris an t‑sluagh, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam? Shuidh mi gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi.


Dh'èirich Ìosa on àite sin agus chaidh e gu ceàrnaidhean Iudèa is thairis air Iòrdan, agus chruinnich slòigh thuige a‑rithist. Agus a‑rithist, mar a b' fhasan dha, theagaisg e iad.


Agus fhreagair Ìosa iad, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam?


Agus dh'fhàg iad uile e agus theich iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan