Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:41 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus thàinig e an treas turas agus thuirt e riutha, “A bheil sibh fhathast a' cadal 's a' gabhail fois? Tha sin gu leòr; thàinig an uair. Seall, tha Mac an Duine air a bhrath do làmhan pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Thàinig e an treas uair, 's thuirt e riu, “An e gu bheil sibh fhathast nur cadal 's a' gabhail fois? Fòghnaidh sin! Tha 'n uair air tighinn! Seallaibh! Tha Mac an Duine ga thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Agus thainig e an treas uair, us thuirt e riu: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: tha ʼn uair air tighinn: seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:41
23 Iomraidhean Croise  

“Tha fios agaibh gu bheil a' Chàisg gu bhith ann às dèidh dà latha agus gum bi Mac an Duine air a bhrath airson a cheusadh.”


An uair sin chaidh Iùdas Iscariot, a bh' air àireamh am measg an dà fhear dheug, gu na h‑àrd‑shagartan airson esan a bhrath dhaibh.


Agus fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd agus ag ithe, thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse mise, fear a tha ag ithe còmhla rium.”


Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air an talamh is rinn e ùrnaigh – nam biodh e comasach, gun deigheadh an uair seo seachad air.


Agus a‑rithist thàinig e agus fhuair e nan cadal iad, oir bha an sùilean fìor throm, agus cha robh fhios aca ciamar a fhreagradh iad e.


Èiribh! Thallamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!”


Agus thuirt e riutha, “Tha dòigh mhath agaibh air àithne Dhè a chur gu aon taobh airson 's gun cùm sibh ri ur dualchas fhèin.


oir bha e a' teagasg a dheisciobal, ag ràdh riutha, “Tha Mac an Duine gus a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine, agus marbhaidh iad e. Agus às dèidh dhaibh a mharbhadh, às dèidh trì latha èiridh e a‑rithist.”


Agus fhreagair Ìosa iad, “Tha an uair air tighinn airson Mac an Duine a bhith air a ghlòrachadh.


“A‑nis tha m' anam fo àmhghar, agus dè a chanas mi? ‘Athair, sàbhail mi on uair seo’? Ach is ann air an adhbhar seo a thàinig mi chun na h‑uarach seo.


Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e, “Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson 's gun glòraich do Mhac thusa.


Dh'fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn 's nach robh an uair aige fhathast air tighinn.


Dh'aithris Ìosa na briathran seo ann an ionad an ionmhais, fhad 's a bha e a' teagasg anns an teampall. Ach cha do ghlac neach sam bith e, oir cha robh an uair aige fhathast air tighinn.


Cò dhe na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‑leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a chuir an cèill ro‑làimh teachd an Aoin Fhìreanta, a tha sibhse a‑nis air a bhrath agus air a mhurt,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan