Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:32 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

32 Chaidh iad gu àite dham b' ainm Getsemane, agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Suidhibh‑se an seo, fhad 's a nì mise ùrnaigh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

32 Agus thàinig iad gu ionad dom b’ainm Getsemane; agus thubhairt e ra dheisciobail, Suidhibh-se an seo, gus an dèan mise ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

32 Agus thàinig iad gu ionad dom b’ainm Getsemane; agus thubhairt e ra dheisciobail, Suidhibh‐se an seo, gus an dèan mise ùrnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

32 Nuair a thàinig iad gu àite ris an cainte Getsemane, thuirt e ri dheisciobail, “Suidhibhse ann an seo, gus an dèan mi ùrnaigh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

32 Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Us thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:32
10 Iomraidhean Croise  

Ach thuirt e gu làidir, “Ged a dh'fheumainn bàsachadh còmhla riut, chan àichinn thu.” Agus thuirt a h‑uile duine aca an aon rud.


Agus thuirt e, “Abba, Athair, tha gach rud an comas dhutsa. Thoir an cupa seo air falbh uam. Ach chan e na 's toigh leamsa, ach na 's toigh leatsa.”


Agus a‑rithist dh'fhalbh e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh nan aon bhriathran.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan