Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Ach thuirt e riutha, “Is e fear dhen dà fhear dheug a th' ann, a tha a' bogadh arain còmhla riumsa san t‑soitheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear-dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear‐dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Thuirt esan riu, “'Se fear dhen dà fhear dheug a th'ann, a tha bogadh arain anns an aon t‑soitheach rium.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Us thuirt e riu: Se am fear deʼn dà fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:20
9 Iomraidhean Croise  

Fhreagair esan, “Am fear a bhog a làmh anns an t‑soitheach còmhla riumsa, brathaidh e mise.


Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, agus sluagh mòr còmhla ris le claidheamhan agus cuaillean, o àrd‑shagartan agus èildearan an t‑shluaigh.


Thòisich iad air a bhith tùrsach, 's air a ràdh ris, fear mu seach, “Cha mhise e, am mi?”


Oir thèid Mac an Duine air falbh dìreach mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach is mairg dhan fhear sin leis an tèid Mac an Duine a bhrath: bhiodh e na b' fheàrr dhan duine sin mura robh e air a bhreith riamh.”


Agus fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, agus sluagh còmhla ris le claidheamhan is cuaillean, o na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan.


Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig sluagh, agus bha am fear air an robh an t‑ainm Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, air an ceann. Thàinig e suas gu Ìosa airson a phògadh,


Fhreagair Ìosa, “Is esan an neach sin dhan toir mise an grèim arain seo, às dèidh dhomh a bhogadh.” Agus nuair a bhog e an grèim, thug e do dh'Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, e.


Bhruidhinn e mu Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, oir b' esan – aon dhen dà fhear dheug – an neach a bha a' dol ga bhrathadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan