Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Agus fhad 's a bha iad nan suidhe aig bòrd agus ag ithe, thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse mise, fear a tha ag ithe còmhla rium.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

18 Nuair a bha iad aig a' bhòrd ag ithe, thuirt e riu, “Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh gu bheil fear agaibh a nì mo bhrath, fear dhe na tha ag ithe còmhla rium.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Agus nuair a bha iad ʼnan suidhe aig a bhord, ʼsa g-ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi radh ribh, gum brath fear agaibh, a tha g-ithe maille rium, mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:18
36 Iomraidhean Croise  

Agus fhad 's a bha iad ag ithe, thuirt e, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse mise.”


Oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, gus an tèid nèamh agus talamh seachad, cha tèid an litir as lugha, no aon stràc dhen Lagha seachad, gus an tèid a h‑uile rud a choileanadh.


“Agus nuair a thraisgeas sibh, na coimheadaibh gruamach mar na breug‑chràbhaichean, oir nì iad an aghaidhean grànda airson 's gum faic daoine gu bheil iad a' trasgadh. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal gu lèir.


Mar sin, nuair a bheir thu dèirc dha na bochdan, na sèid trombaid romhad, mar a nì na breug‑chràbhaichean sna sionagogan agus air na sràidean, airson 's gum faigh iad glòir bho dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun do shealbhaich iad an tuarastal.


“Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar na breug‑chràbhaichean, oir is gràdh leotha seasamh is ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan agus aig oiseanan nan sràid airson 's gum bi iad air am faicinn le daoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal.


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh, gu cinnteach cha tèid e a‑steach innte.”


Thuirt Ìosa, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh'fhàg taigh no bràithrean no peathraichean no màthair no athair no clann no achaidhean, air mo shon‑sa agus airson an t‑soisgeil,


Nuair a bha am feasgar air tighinn, thàinig esan còmhla ris an dà fhear dheug.


Thòisich iad air a bhith tùrsach, 's air a ràdh ris, fear mu seach, “Cha mhise e, am mi?”


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan òl mi tuilleadh de thoradh an fhìonain gus an latha sin nuair a dh'òlas mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.”


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e càit an tèid an soisgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre.”


Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun tèid a h‑uile peacadh a mhathadh do chloinn nan daoine, agus ge b' e dè na toibheuman a chanas iad;


Agus mura gabh àite sam bith ribh is nach èist iad ribh, nuair a dh'fhàgas sibh crathaibh an dust a tha for casan mar fhianais dhaibh.”


Agus ag osnaich gu domhainn na spiorad, thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo a' sireadh chomharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach tèid comharra a thoirt dhan ghinealach seo.”


Agus thuirt e riutha, “Tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè às dèidh dhi tighinn le cumhachd.”


Oir ge b' e cò a bheir cupa uisge dhuibhse ri òl nam ainm‑sa, a chionn 's gur ann le Crìosd a tha sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.


o fhuil Abeil gu fuil Shechariah, a chaidh a sgrios eadar an altair agus an t‑ionad‑naomh. Seadh, tha mi ag ràdh ribh gum bi i air a h‑iarraidh air a' ghinealach seo.


Ach, seallaibh, tha làmh an fhir a bhrathas mi còmhla rium air a' bhòrd.


Agus thuirt e, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil fàidh sam bith a' faighinn fàilte na dhùthaich fhèin.


An uair sin thuirt e ris, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chì sibh nèamh air fhosgladh, agus ainglean Dhè a' dol suas agus a' tighinn a‑nuas air Mac an Duine.”


“Chan eil mi a' bruidhinn mur deidhinn uile; is aithne dhomh cò iad a thagh mi. Ach feumaidh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh: ‘An neach a tha ag ithe m' aran‑sa, thog e a shàil nam aghaidh.’


Às dèidh do dh'Ìosa na rudan seo a ràdh, bha e fo dhragh mòr na spiorad, agus thug e fianais, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.”


Sheall na deisciobail ri chèile agus iad mì‑chinnteach a thaobh cò ma dheidhinn a bha e a' bruidhinn.


Fhreagair Ìosa, “An leig thusa do bheatha sìos air mo shon‑sa? Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut nach gairm an coileach gus an àich thu mi trì tursan.”


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu na b' òige, chuir thu d' aodach ort fhèin agus choisich thu far am bu mhiann leat; ach nuair a bhios tu aosta, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus cuiridh neach eile d' aodach ort, agus bheir e thu an taobh nach eil thu a' miannachadh.”


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, tha sinne a' bruidhinn mu na 's aithne dhuinn, agus tha sinn a' toirt fianais mu na chunnaic sinn, ach chan eil sibhse a' gabhail ri ar fianais.


Fhreagair Ìosa e, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith a‑rithist, chan urrainn dha rìoghachd Dhè fhaicinn.”


Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith o uisge agus on Spiorad chan urrainn dha a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.


Mar sin fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil e comasach dhan Mhac rud sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach na chì e an t‑Athair a' dèanamh, oir gach rud a bhios esan a' dèanamh tha am Mac a' dèanamh cuideachd.


Fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, tha sibh gam shireadh, chan ann a chionn 's gum faca sibh na comharraidhean mìorbhaileach, ach a chionn 's gun do dh'ith sibh dhe na lofaichean agus gun robh sibh air ur sàsachadh.


An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha b' e Maois a thug dhuibh an t‑aran o nèamh, ach 's e m' Athair‑sa a tha a' toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach a tha a' creidsinn, tha a' bheatha shìorraidh aige.


Fhreagair Ìosa iad, “Nach do thagh mise sibhse, an dà fhear dheug? Agus fhathast tha aon agaibh na dhiabhal?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan