Marcus 14:12 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201712 Air a' chiad latha de dh'Fhèill an Arain Neo‑Ghortaichte, nuair a bhiodh iad ag ìobradh uan na Càisge, thuirt deisciobail Ìosa ris, “Càit am bu toigh leat sinn a dhol a dh'ullachadh airson 's gun itheadh tu a' Chàisg?” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199212 Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan-càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199212 Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo‐ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan‐càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg? Faic an caibideilAnn An Gàidhlig an Latha An-diugh 198612 Air a' cheud là de dh'Fhèill an Arain Neo-ghoirtichte, nuair a bhiodhte a' marbhadh uan na Càisge, thuirt a dheisciobail ris, “Càite am bu mhath leat sinn ullachadh a dhèanamh dhut airson biadh na Càisge ithe?” Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187512 ʼS air a chiad latha deʼn aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad a g-iobradh na càsga, thuirt a dheisciopuil ris: Càite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, ʼs gun ich thu a chàisg? Faic an caibideil |