Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 14:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑nis bha a' Chàisg agus Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte dà latha air falbh, agus bha na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad an greim e tro fhoill, agus a chuireadh iad e gu bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo-ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo‐ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Bha dà là ann mus tòisicheadh a' Chàisg agus Fèill an Arain Neo-ghoirtichte, 's dh'fheuch na h‑àrd-shagairt 's na sgrìobhaichean ri dòigh chealgach fhaighinn air Iosa a ghlacadh 's a mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 A nis bha feill na càsga ʼs an arain neo-ghoirtichte an ceann dà latha: us bha na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, ʼsa mharbhadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 14:1
23 Iomraidhean Croise  

Ach chaidh na Pharasaich a‑mach agus ghabh iad comhairle le chèile na aghaidh‑san, a thaobh mar a sgriosadh iad e.


Mar sin, nuair a bheir thu dèirc dha na bochdan, na sèid trombaid romhad, mar a nì na breug‑chràbhaichean sna sionagogan agus air na sràidean, airson 's gum faigh iad glòir bho dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun do shealbhaich iad an tuarastal.


Air a' chiad latha de dh'Fhèill an Arain Neo‑Ghortaichte, nuair a bhiodh iad ag ìobradh uan na Càisge, thuirt deisciobail Ìosa ris, “Càit am bu toigh leat sinn a dhol a dh'ullachadh airson 's gun itheadh tu a' Chàisg?”


Oir thuirt iad, “Chan ann air an Fhèill, air eagal 's gun èirich aimhreit am measg an t‑sluaigh.”


Mar sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich an Comhairle, agus dh'fhaighnich iad, “Dè a nì sinn? Oir tha an duine seo a' dèanamh mòran chomharraidhean mìorbhaileach.


A‑nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b' aithne do dh'Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t‑saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh' anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad.


Agus nuair a bha e air a ghlacadh, chuir e dhan phrìosan e, ga thoirt thairis do cheithir buidhnean shaighdearan airson a ghleidheadh, a' cur roimhe a thoirt a‑mach dhan t‑sluagh às dèidh na Càisge.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan