Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean‑talmhainn ann an iomadh àite; bidh gortan ann. Is iad seo toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean‐talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Eiridh sluagh an aghaidh sluaigh agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh crithean-talmhainn ann thall 's a‑bhos, agus gortan cuideachd, ach cha bhi ann an sin ach toiseach nan àmhghairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, us bithidh crithean-talmhuinn feadh aiteachan, agus gorta. ʼSiad sin toiseach nan amhghar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:8
21 Iomraidhean Croise  

Chan eil annta seo uile ach toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.


Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus fathannan mu chogaidhean, na bithibh fo dhragh. Feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast.


“Ach thoiribh an aire! Oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean, agus thèid ur dochann sna sionagogan, agus seasaidh sibh mu choinneamh uachdaran is rìghrean air mo shon‑sa, mar fhianais dhaibhsan.


Agus sheas aon dhiubh, dham b' ainm Agabus, suas agus rinn e aithnichte tron Spiorad gum biodh gort mhòr air feadh an t‑saoghail. (Ghabh seo àite ann an làithean Chlaudiuis.)


Ge b' e uair san tèid a ràdh, “Sìth is tèarainteachd”, 's ann an uair sin a thig sgrios aithgheàrr mar asaid‑breith oirrese a tha a' giùlain, agus cha bhi dol às aca idir.


Agus chaidh each eile a‑mach, am fear seo dearg, agus chaidh a thoirt dhan neach a bha na shuidhe air, sìth a thoirt air falbh on talamh agus gum marbhadh daoine càch‑a‑chèile, agus chaidh claidheamh mòr a thoirt dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan